Read Ebook: Coinneach Odhar Am Fiosaiche by Blair D B
Font size:
Background color:
Text color:
Add to tbrJar First Page Next Page
Ebook has 24 lines and 8480 words, and 1 pages
Coinneach Odhar,
AM FIOSAICHE
Leis an Urr. D. B. Blair, D. D. nach maireann.
SYDNEY, C. B.: "MAC-TALLA" OFFICE 1900
ROIMH-RADH
Cha 'n eil ach duin' ainneamh am measg nan G?idheal nach cuala bheag no mh?r mu Choinneach Odhar, ach tha ?ine cho fada o'n bha e ann--mu dha cheud gu leth bliadhna--'s gu bheil eachdraidh a bheatha agus na fiosachdan a rinn e a dol ann an tomhas mor ? cuimhne. Chuir an s?r Gh?idheal, Alasdair Mac Coinnich, a mach leabhar beag Beurla mu thimchioll an fhiosaiche ainmeil so anns a bhliadhna 1877,--leabhar a fhuair deagh ainm aig an ?m, agus a bha air a chur an cl? uair no dha an deigh sin. Tha an eachdraidh ghorid a th' anns an leabhran so o pheann an Urr. D. B. Blair, D.D., nach maireann, aon de na sgoilearan G?ilig a b' fhearr a bha riamh anns an d?thaich so. Bha i air a clo-bhualadh anns a MHAC-TALLA 'sa bhliadhna 1893, 'nuair a bha 'm paipear sin air ?r-th?iseachadh. Thatar ga 'cur a mach anns a chruth so an dr?sda an d?chas gu 'n taitinn i ris na G?idheil aig am bheil gr?dh do chainnt agus do eachdraidh an sinnsear; agus ma nochdas iad an tlachd de 'n oidheirp le bhi ceannach an leabhrain, gabhar misneach gu leabhraichean G?ilig eile a chur a mach o ?m gu ?m.
Rugadh Coinneach Mac Coinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile-na-Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh linn diag, mu 'n ?m anns an robh Seumas-a-sia bho Albainn, no Seumas-a-h-aon air Sassun, 'na righ air Breatuinn, agus air Eirinn us Manainn. Cha 'n 'eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean '?ige, ach a mh?in nuair a bha e anns na deugan, mu 'n robh e fichead bliadhna dh' aois, gu 'n d' fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b'urrainn da innseadh ciod a thachradh san ?m ri tighinn. Fhuair e a' chlach air an d?igh so, mar their cuid:--Bha a' mh?thair feasgar ?raid, a reir a' bheulraite, a' buachailleachd a' chruidh air an ?iridh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile-na-Cille, an Uig. Mu mharbh mheadon oidhche chunnaic i a h-uile uaigh sa' chladh a' fosgladh, agus d?mhlas mor sluaigh ag eiridh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho 'n naoidhean gus an sean-athair liath, agus a' falbh gach rathad as a' chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h-uaighibh a rithist, agus dh?in gach uaidh mar a bha i roimhe. Thainig m?thair Choinnich am fagus do 'n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gu 'm bu bhoirionnach dalma, smioral i, chuir i roimpe gum biodh fios aice c'arson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dh?ineadh c?ch. Ruith i agus chuir i a' Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghaich . An ceann beagan ?ine thainig r?bhinn ?luinn, a' snamh troimh 'n iarmailt bho thuath, a dh' ionnsuidh a' chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a' mhnaoi, "Tog do chuigeal bharr m' uaigh, agus leig dhomh dol air m' ais gu m' ?ros." "Ni mi sin," Arsa an te eile, "ma dh' innseas tu dhomh ciod e a chum thu air dheireadh air c?ch." Fhreagair an taibhse, "Innsidh mi sin duit gun d?il. Bha mo thuras na b' fhaide na turais ch?ich; oir bha agam ri dhol do Lochluinn-a-Tuath . Is mise nighean Righ Lochluinn; bh?thadh mi nuair a bha mi 'gam fhairigeadh san tir sin; thainig mo chorp gu tir air a' chladach so sios fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan ormsa, agus mar dhuais dhuit fh?in airson do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sonruichte luachmhor,--falbh agus sir, us gheibh thu anns an loch ud thall clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d' mhac, Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thacras an deidh an ?m so." Rinn i mar a dh' iarraidh oirre, fhuair i a' chlach, agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a' chlach na thainig feart na fiosachd uige, agus sgaoileadh a chli? mar fhiosaiche air feadh na d?thcha. Bhiodh uaislean us islean a' taghal air agus a' tighinn thuige air son fiosachd.
Ach tha iomad beulraite eile mu 'n d?igh anns an d' fhuair Coinneach a' chlach. Tha aon ag radh, gun robh e 'na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh diumb aig bean an tuathanaich ris air son a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha s?nruichte bha e a' gearradh m?ine leis an torraisgein fada bho 'n tigh, agus b' eigin an dinneir a chur thuige; chur bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur as da. Ach mu 'n d' thainig an dinneir shuidh e leigeil analach agus thuit e 'na chadal. Dh?isgeadh e le cabhaig; oir dh' fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e l?mh air, agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll 'na teis-meadhain. Sheall e troimh 'n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do 'n ch?, agus fhuair an c? am b?s gu d?ruinneach.
Tha beulraite eile ag radh gun robh e a' gearradh m?ine, agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a' feitheamh gus an tigeadh a bhean f?in d'a ionnsuidh leis an dinneir. Thuit e 'na chadal, agus nuair a dh?isg e dh' fhairich e rud cruaidh f'a cheann; fhuair e an sin clach bheag, chruinn, agus toll troimh a meadhon. Thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a' bhean aige fh?in a' tighinn d'a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinnseanachadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a' chloich, chaill e sealladh na s?la leis an d' amhairc e troimh an toll, agus bha e riamh tuilleadh cam, no aon-suileach, an deigh sin.
Tha Aoidh no Uisdean Muillear ag radh anns an leabhar aige, "Scenes and Legends," gun d' thainig a bhana-mhaighstir d'a ionnsuidh le dinneir phuinnseanaichte; fhuair i e 'na chadal air mullach sithein, agus an aite dh?sgadh, chaill i a misneach; dh' fh?g i am meadar, no a' mhias, ri a thaobh, agus thill i dhachaidh. Dh?isg esan; ach mu 'n do ghabh e an dinneir dh' fhairich e rud cruaidh 'na bhroilleach: chuir e l?mh air agus thug e mach clachag chruinn, boidheach, leis an d' fhuair e fios mu 'n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air.
A reir gach r?ite tha e coltach gun robh a' chlach ann, agus gun robh Coinneach 'ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Cha'n 'eil sinne a' creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a' chloich, ged a dh' fhaodadh i bhi 'na cloich mh?n, bh?idhich, ghorm-gheil, agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan b?idheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuile.
Nuair a fhuair Coinneach clach na fiosachd, sgaoileadh a chli? feadh na tire mar fhiosaiche, agus bhiodh feadhainn a' tighinn thuige as gach ?ite air son fios fhaotainn mu thimchioll na teachd-?ine. Mu thimchioll ciad gu leth bliadhna mu 'n do rinneadh an t-slighe-uisge, no an caolas-cladhaichte, eadar Inbhear-Nis agus Inbhear-L?chaidh, thuirt Coinneach, "Ged is ioghnadh leibhse an diugh e, thig an latha, 's cha 'n 'eil e fad as, anns am faicear l?raichean Sasunnach air an tarruing le srianan c?rcaich seachad air cul Tom-na-h-Iuraich." Thuirt e mar an ciadna, "Thig an latha anns am bi rathad mor troimh bheanntan Rois, o mhuir gu muir agus drochaid air gach allt," no "Ribean air gach cnoc agus drochaid air gach alltan." Mar an ciadna, "Thig an latha anns an lion na caoraich mhora an tir, gus am buail iad a' mhuir gu tuath." "Bidh muileann air gach abhuinn, agus taigh geal air gach cnocan." "Bidh criosan guaille tarsuinn air gach sliabh." "Thig bo mhaol odhar a stigh an t-Aite mor, agus leigidh i geum aiste a chuireas na sia beannagan dhe an Taigh-Dhige." Saoilear gur b?ta-sm?id a tha e ciallachadh. So fiosachd eile, "Thig an latha anns an cur peirceall nan caorach mora an crann air an fharadh. Nuair bhios na caoirich mhor cho lionmhor us gun cluinnear m?ilich an dara t? dhiubh leis an t? eile, bho Chonachra, ann an Loch-Aillse, gu Bun-da-Loch, an Ceann-Taile, bidh iad aig an ?irde 'nam pris, agus an deigh sin theid iad air an ais gus am falbh iad uile as an t-sealladh, agus theid iad air diochuimhne cho mor as nach aithnichear peirceall caorach a gheibhear air carn, no ciod am beathach d' am buineadh e. Falbhaidh na seann Tighearnan as an tir, agus thig ceannaichean Gallda 'nan ?ite, agus bidh a' h?idhealtachd uile gu l?ir 'na h-aon fhrith mhor fhiadh. Bhidh an d?thaich cho gann de shluagh, agus cho f?s, as nach cluinnear gairm coilich gu tuath air Druim Uachdair. Theid an sluagh air imrich gu eileanaibh cian, nach fhaicear an diugh, ach a gheibhear a mach anns a' Chuan Mhor. An deigh sin sgriosar agus bathar na f?idh, agus na fiadh bheistean eile leis na siantan dubha. Thig an sluagh an sin air an ais agus gabhaid iad seilbh air fearann an sinnsearach." Fiosachd eile, "Theid na G?idheil gu America, ach thig iad air an ais fhathast gus an tir fh?in." Mu thimchioll Mhic Le?id Rathasaidh so fiosachd, "Nuair a thig Mac Dhomhnuill Duibh ban, Mac Shimidh ceann-dearg, Siosalach claon ruadh, Mac Coinnich mor bodhar, agus Mac Gille-Challum cam-chasach, iad ogha Iain bhig a Ruigeath, se sin am Mac Gille-Challum a's miosa thainig na thig; cha bhi mi ann ri a linn, 's cha 'n fhear leam air a bhith." Thachair an ni so; oir b'e am Mac Gille-Challum so, iar-ogha Iain bhig a Ruigeath, agus bha e cho strudheasach us gun do chaith e oighreachd a shinnsirean; agus bha na Tigh-earnan eile chaidh ainmeachadh, 'nan comhaoisean do Mhac Gille-Challum so, leis na comharan orra a dh' innis am fiosaiche.
So fiosachd eile, "Nuair a thraoghas abhainn na Manachinn tri uairean, agus a ghlacar Bradan Sligeach air grunnd na h-aibhne, is ann an sin a bhitheas an diachainn ghoirt." Thiormaich abhainn na Manachainn cheana da uair,--an uair mu dheireadh air a' bhliadhna 1826, nuair a bha tiormachd mhor ann; chaidh a' choile 'na teine ann am Miramichi, agus loisgeadh moran thaighean ann mar an ciadna; agus bho cheann sia bliadhna diag ghlacadh 'Bradan Sligeach,' no Stirean no Stiorrach ann an grunnd na h-aibhne. "F?saidh an sluagh cho tais us gun teich iad as an d?thaich roimh armailt chaorach." Chuireadh an tir fo chaoirich, agus dh' fhalbh an sluagh.
Rinn Coinneach fiosachd chomharraichte mu thimchioll Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich , agus Caisteal no Tur an Uillt-Bhoidhich . "Thig an latha anns an caill Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich am fearann uile, agus theid am meur sin de 'n fhine as an t-sealladh gus nach f?gar duine dhiubh air aghaidh na talmhainn. Bidh an caisteal f?s, air a threigsinn, gun duine 'ga aiteachadh no gabhail comhnuidh ann; agus beiridh bo laogh ann an seomar uachdrach an T?ir." Thachair na nithean so uile do reir na fiosachd. Chaill an teaghlach sin de Chloinn Choinnich an seilbhean gu h-iomlan; agus rug a bh? an laogh mar a dh' innseadh, san t-seomar uachdrach. Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh an T?r fhagail na fh?saich; ghrod na dorsan agus thuit iad dheth, fear an deigh fir, gus mu dheireadh nach robh dorus idir air an staidhir mhoir shniomhain a bha ruigsinn bho 'n bhonn gu mhullach. Bha 'n staidhir so de chlioch agus mar sin seasmhach, maireannach. Bho cheann beagan ?ine thaisg an tuathanach aig an robh a' gabhail fodar ann an se?mar uachdrach an T?ir. Thuit p?irt de 'n fhodar air an staidhir mar a bha iad 'ga ghi?lan an ?ird. Thainig te de 'n chrodh air latha ?raid a dh' ionnsuidh dorus an T?ir, agus air do 'n dorus a bhi fosgailte, chaidh i staigh agus th?isich i air trusadh agus itheadh nan sraibhlean a bha sgapte thall 's a bhos air an staidhir. Lean i mar so a' dol air a h-adhart bho cheum gu ceum de 'n staidhir gus an d' rainig i am mullach,--chaidh i staigh do 'n t-se?mar ag itheadh nan sraibhlean roimpe, agus air dhi bhi trom le laogh cha b' urrainn i tearnadh air a h-ais; uime sin dh' fh?g iad i anns an t-se?mar gus an do rub i an laogh, a bha 'na chreutar fallain, b?idheach. Dh'fh?g iad a' bho agus an laogh car ?ine sh?nruichte anns an t-se?mar agus chaidh iomadh neach a mach ? Inbhirnis gus am faicinn. Mar so bha faisneachd Choinnich air a coilionadh gus an dearbh litir.
Thuirt Coinneach "Beirear nighean mhaol dubh air c?l Eaglais Ghearrloch." Thachair so; aig cruinneachadh sluaigh, saothair-chloinne gu h-obann air mnaoi ?ig, a bha anns an ?isdeachd aig c?l na h-Eaglais, agus mum b' urrainn dhaibh a gi?lan air falbh as an ?ite, rug i an "nighean mhaol dhubh." Tha sliochd na h-ighinn maoile dhuibhe so ri fhaicinn, agus ri fhaotainn, gus an latha an diugh ann an Gearrloch; agus mar so tha fiosachd Choinnich air teachd gu crich.
Rinn Coinneach fiosachd mu Mhac Le?id Dhun-bheagain: "Nuair a gheibh Tormaid nan Tri Tormaid, mac na mnatha caoile cruaidhe Sasunnaich, b?s le sgiorradh; nuair a reicear Maighdeannan Mhic Le?id ri fear de na Caimbeulaich; nuair a bheireas galla-shionnaich cuain chuilean ann an aon de bhinneanaibh a' chaisteil; agus nuair a bheirear air lom a Bhratach Shith an uair mu dheireadh, si?bhlaidh greadhnachas Mhic Le?id air falbh; reicear a' mhor chuid de 'n oighreachd ri coigrich; bidh am fine cho tearc us gun gi?lain 'curach beag' thairis air Loch Dhunbheagain na bhios ann de dh' uaislibh de'n chinneadh. Ach ?ine mhor, fhada an deigh sin thig 'Iain Breac' eile, agus aisigidh e an oighreachd, agus bidh cli? an taighe na 's ?irde na bha e riamh." Thachair cuid de'n fhiosachd so. Mharbhadh Tormaid nan Tri Tormaid, nuair a sh?ideadh suas le f?dar an long-chogaidh an Queen Charlotte, air an robh e 'na oifeach. Reiceadh na creagan d' am b' ainm "Na Maighdeannan" ri Aonghas Caimbeul, agus tha iad fhathast aig ogha dha mar sheilibh. Bha peata sionnaich aig Caiptean Mac Gilleain, a bha fuireach ann am mullach a' Chaisteil, agus rug i cuain chuilean; agus chunnaic agus laimhsich Dr. Mach Le?id, Tormaid mor Gaidhealach an Teachdaire, na cuileanan, air a bhliadhna 1799, air dha bhi ann an Caisteal Dhunn-bheagain, 'san Eilean Sgiathanach. Chunnaic e mar an ciadna aig an ?m sin "Bratach Shith" Mhic Le?id 'ga toirt air lom as a' chist iaruinn san robh i an tasgadh, air a d?nadh suas ann am bocsa fiodha ch?bhraidh, deagh-bholtrach. Bha 'bhratach na mir ceithir-chearnach de shioda luachmhor air fhigheadh le croisean tarsuinn de shn?thuinnibh ?ir. Tha chuid eile de 'n fh?isneachd ri tighinn, ma thig i idir.
Tha beulraite eile a' tabhairt cunntais eadar-dhealaichte mu aobhar feirge na Ban-Iarla ri Coinneach Odhar. Aig ?m ?raid, a reir an iomraidh, bha cuirm mh?r agus cruinneachadh lionmhor a dh' uaislean ann an caisteal Bhrathainn. Bha ?igridh nan ?rd uaislean 'gan cluich fh?in air a' bhl?r a muigh, air an ?ilean ghorm, timchioll a'chaisteil Thubhairt cuideigin ann an ?isdeachd Choinnich, gum b' ainneamh a chiteadh tional cho lionmhor de chlainn dhaoine uaisle. Fhreagair Coinneach gu sgallaiseach, "Is mo a th' ann de chlainn ghillean-b?ird, agus de chlainn ghillean-st?puill, na th' ann de chlainn dhaoin' uaisle." Tha beulraite eile ag radh, gur h-ann a bha an ?igridh a' dannsadh ann an l?chairt mhoir a' chaisteil an ?ite bhi 'gan cluich air an ?ilean, nuair a labhair Coinneach gu fanaideach umpa. Dh'aithriseadh briathran Choinnnich do 'n Bhan-Iarla, agus ghabh i fh?in 's na baintighearnan eile fearg ris, air son a bhi cur an amharus deagh-bheusan agus teistealachd mhnathan uaisle Rois, agus a' toirt mi-chli? follaiseach orra mar sud. Dh' ?rduich i am fiosaiche a ghlacadh gun d?il; agus ged a theich e gu fhalach f?in car tamuill, fhuaradh a mach mu dheireadh far an robh e. Nuair a chunnaic e nach robh dol as aige bho a naimhdidh, chuir e clach na fiosachd ri sh?il agus thubhairt e, "Chi mi fada romham, agus is leur dhomh am breitheanas a thig air sliochd mo luchd-s?rachaidh. Bidh seann teaghlach Iarla Shi-phort air an ditheachadh gu tur, mun teid moran linnean seachad. Chi mi ceann-feadhna, am fear mu dheireadh d'a theaghlach, araon bodhar agus balbh. Bidh ceathrar mhac ?luinn aige, ach theid iad uile roimhe fh?in do'n uaigh. Caithidh e a bheatha gu h-iomaguineach, agus gheibh e am b?s gu br?nach, a' caoidh gum bi sliochd a shinnsear air an dubhadh a mach gu br?th, agus nach bi Mac Coinnich tuilleadh ri fhaotainn 'na Thighearna air Caisteal Bhrathainn, no air Ceann-T?ile. An deigh dha br?n a dheanamh air son an fhir mu dheireadh d'a chuid mac, am fear bu taitniche dhiubh, siubhlaidh e fh?in, a' dol do 'n eug, agus bidh an oighreachd aige air a' sealbhachadh le caileag air am bi currachd b?n, a thig bho 'n ?irde 'n ear, d' am bi e 'n d?n a piuthar a mharbhadh. Mar chomharra gun tachair so, bidh ceathrar thighearnan air am bi suaicheantas 'nan comh-aoisean do Iarla Shi-phort mu dheireadh, a bhios bodhar, agus balbh; se sin Tighearna Storach Ghearrloch, an Siosalach le milleadh-maighich, an Granndach Gorach, agus Mac-Gille-Chalum Gagach no manndach. Nuair a chi Mac Coinnich Bhrathainn a cheathrar so, tuigear leis gum bheil am b?s an d?n d'a chuid mac; gun teid an oighreachd gu coigrich agus gun dubhar as a theaghlach gu siorruidh, gun fhirionnach d'a shliochd a thogas 'ainm."
Nuair a chriochnaich am fiosaiche an fhaisneachd so, thilg e clach na fiosachd ann an lochan uisge, no mar a their cuid, ann an lorg coise mairt a bha l?n uisge, agus thubhairt e, "Co sam bith a gheibh a' chlach sin, bidh feart na fiosachd aige mar an ciadna." Thubhairt e a bharr air sin, mar tha cuid ag radh, "Beirear leanabh le da imleig, no le ceithir me?ir fhichead a reir cuid, gheibh e a' chlach so ann am broinn geadais, agus leis a' chloich thig buaidh na fiosachd thuige." Nuair a thugadh a mach Coinneach gus a losgadh, thuit a' Bhan Iarla ris nach rachadh e do Fhlaitheanas gu siorruidh. Thionndaidh e mun cuairt agus thubhairt e rithe, "Theid mise do Fhlaitheanas; ach cha teid thusa ann gu siorruidh. So dhuit comharradh leis am faigh thu fios ciod e mo chor san t-saoghal ri teachd. Thig caluman agus fitheach an coinneamh a cheile bho dha thaobh an athair, gus an seas iad os ceann agus an laidh iad air luaithre mo chuirp. Ma thig am fitheach an toiseach labhair thusa an fhirinn, ach ma thig an caluman an toiseach labhair thu breugan, agus tha mo dhochas air deagh bhunait."
Dh' ?rduich a' Bhan-Iarla Coinneach a ghlacadh, 's a cheangal, eadar lamhan 'us chasan, agus a ghiulan gu Rugha na Cananaich, far an do thilgeadh e an coinneamh a chinn ann am baraille tearra bha dearg-losgadh, agus air an robh a thaobh a stigh lan spicean fada iaruinn, biorach, geur, a bhuaileadh troimhe bho 'n taobh muigh. Rinneadh an ni eagallach so le ?ghdarras Easbuig Rois, agus cl?ir na h-Eaglais Easbuigich, a bha air a suidheachadh aig an ?m ud, mar Eaglais na Rioghachd an Albainn, le Righ Tearlach a Dha. Air an dearbh latha air an do chuireadh Coinneach air falbh bho Chaisteal Bhrathainn thainig Iarla Shi-phort dhachaidh as an Fhraing, agus dh' innis iad da air ball an ni a rinn a' Bhan-Mhorair mu Choinneach, agus gun robh e nis air a thurus a dh' ionnsuidh na Cananaich le ?rdugh na Cl?ire, gu bhi air a losgadh. Bha deagh fhios aig a' Mhorair air n?dur dioghaltach, ain-iochdmhor na Ban-Iarla. Chreid e gun robh an sgeula fior, seadh tuilleadh us fior. Cha d' iarr 's cha do ghabh e biadh no deoch; cha do ghairm e air sgalaig no gille stapuill, ach chaidh e fhein le cabhaig a dh' ionnsuidh an stapuill, chuir e diollaid air an each a b' fhearr a bha 'na ghreigh, leum e air a mhuin, agus dh' fhalbh e leis an each 'na dheann-ruith, 'g a ghreasad cho luath 's a b' urrainn da, an d?il gun ruigeadh e Rugha na Cananaich mun rachadh an t-innleachd diabhlaidh a dheilbh a Bhan-Iarla agus a' chl?ir Easbuigeach a chur gu buil; cha do mharcaich Iarla Shi-phort riamh roimhe cho luath no cho dian. Ann am beagan ?ine bha e am fagus do 'n Chananaich, agus chunnaic e sm?id dhubh thiugh ag ?irigh suas bho 'n Rugha gu h-iosal. Thainig gairisinn na fhe?il, bhr?chd am fallus fuar a mach troimh a chorp, chuir e spuir ris an each a bha cheana an impis toirt thairis, a chum gun ruigeadh e an t-?ite b?is, gu beatha an fhiosaiche a sh?bhaladh. Mar uighe beagan shlat bho 'n ?ite far an robh an sm?id ag ?irigh, thuit an t-each air an l?r agus thug e suas a de?, oir cha b' urrainn da a' chruaidh-sp?irn a sheasamh na b'fhaide leis mar a bha an t-Iarla 'ga chur thuige 's ga sporadh air adhart. Nuair a chaill e an t-each, ruith an t-Iarla gu dian air a' chois, ag eigheach a mach le ?irde a ghuth, ris an t-sluagh a bha cruinn air an Rugha, iad a thearnadh beatha an fhiosaiche. Ach mo thruaighe! bha e tuilleadh us anmoch. Cia dhiu a chuala no nach cuala an sluagh glaodhaich ?rd an Iarla, bha Coinneach Odhar air a thilgeadh anns a' bharaille loisgeach beagan mhoinaidean mun do rainig Iarla Shi-phort an t-?ite gus a theasairginn.
Air an doigh so chriochnaicheadh beatha an fhiosaiche, agus cha 'n 'eil e coltach gun rachadh an sgeula ud a dheilbh mu 'bh?s mur tachradh an ni mar a chaidh aithris. Nan d' fhuair Coinneach b?s n?durra 'na leabaidh, cha ghabh e creidsinn gun rachadh an sgeula truagh ud a dheilbh no chur air chois. Ach ciod a their sinn mu luchd-dreuchd Eaglais a thug gn?is da leithid sud de ghniomh oillteil, agus a dh' aontaich ris? Bha iad air son a' Bhan-Iarla a thoileachadh gu cinnteach, ach anns na linnibh dorcha sin bha e 'na chleachdadh a bhi losgadh nam buitseach agus nam fiosaichean, agus is iomadh creutair truagh a chuireadh gu bas fo 'n ch?is-dhitidh so, aig nach robh tuilleadh buitseachd na tha aig an lair-ghlais, Bheir sinn c?nntas a nise mar a thainig faisneachd Choinnich Uidhir gu teachd mu thimchioll teaghlaich Iarla Shi-phort, faisg air ciad gu leth bliadhna an deigh bhi air a labhairt.
Chunnaic sinn mar a thachair do'n fhiosaiche. Rachamaid a nise agus faiceamaid ciod a thainig gu buil de 'n fhiosachd mu dheibhinn Mhic Coinnich Bhrathainn. Fhuair an t-Iarla a bha ann ri linn Choinnich am bas air a' bhliadhna 1678; fhuair a mhac, an ceathramh Iarla, am bas; chaill an coigeamh Iarla, mac an fhir so, an oighreachd agus an tiodal chionn gun d' ?irich e ann an aobhar Sheumais air a' bhliadhna 1715. Ach dh' aisigeadh an oighreachd dha air a' bhliadhna 1726, agus air a' bhliadhna 1771 fhuair a mhac an tiodal Iarla Shi-phort. Gidheadh bh?saich an tiodal leis fh?in air a' bhliadna 1781. Nuair a bh?saich e cha robh oighre aige, ach fhuair ogha br?thar a shean-athar an oighreachd, a mheal e re dha bhliadhna, oir chaidh a mharbhadh 's na h-Innseachaibh an Ear air a' bhliadhna 1783. Thainig a bhr?thair na '?ite, am Mac Coinnich mu dheireadh a bha ann am Brathainn, anns an do choilionadh faisneachd an fhiosaiche.
Tha sinn a nise toirt na h-eachdraidh ghoirid so gu crich. Chaidh, gun teagamh sam bith, moran de dh' fhiosachdan Choinnich a choilionadh gu litireil, agus tha daoine ann a tha dhe 'n bharail gu 'm bi tuilleadh dhiubh air an coilionadh fhatast, Biodh sin mar a bhitheas, theid iomadh bliadhna 's linn seachad mu 'n sguirear a bhi 'g aithris, am measg nan G?idheal, gach fiosachd iongantach a rinn e, am b?s uamhasach a dh' fhuiling e, agus mar a thainig an caluman 's a laidh e air a luaithre--an ni a thubhairt Coinneach fh?in a bha gu tachairt, mar chomharradh air gu robh 'anam air a ghi?lan gu Flaitheanas.
A'CHRIOCH
"Cha ghabh fironnach faotainn air strath no air aird, Thogas suas ainm Mhic Coinnich, ceann-cinnidh Chinn-Tail."
Add to tbrJar First Page Next Page